150 bliadhna bho Achd an Fhoghlaim 1872

Bidh 150 bliadhna Disathairne bhon a thàinig Achd an Fhoghlaim 1872 a-steach.

Tha Ruairidh MacIomhair a' coimhead air na h-oidhirpean a chaidh a dhèanamh san 20mh linn gus foghlam Gàidhlig a stèidheachadh às ùr ann an Alba.

Às dèidh obrach bunaitich san dàrna leth den linn, dh'fhosgail na ciad aonadan Gàidhlig ann an 1985 - ceum cho cudromach 's a chunnacas ann an eachdraidh foghlaim a' chànain bhon Achd fhèin còrr is 100 bliadhna ron a sin.