Seusan ùr SWPL gus tòiseachadh

Javen Houston
Fear-naidheachd a' BhBC

  • Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Bhuannaich Rangers tiotal na lìge airson a' chiad uair nan eachdraidh

Thèid sia geamaichean air adhart sa phrìomh lìog sa chiad sheusan fo uallach an SPFL.

Am measg nan geamaichean Didòmhnaich, cluichidh Celtic an aghaidh Hibernian às dèidh dhaibh dà chupa a thogail air an t-seusan a dh'fhalbh.

Thèid Glasgow City an aghaidh Spartans is iad an dòchas tiotal na lìge a bhuannachadh air ais bho Rangers.

Aig an aon àm, cuiridh Rangers fàilte air Glasgow Women aig an dachaigh ùir aca, Pàirce Broadwood.

"Cothrom togail air an t-seusan a dh'fhalbh"

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Chrìochnaich Rangers seachd puingean air thoiseach air City

Chuir Rangers stad air sreath 15 tiotalan lìge do Glasgow City air an t-seusan a dh'fhalbh nuair a thog iad an cupa airson a' chiad turas nan eachdraidh.

"Saoilidh mi gu bheil miann againn mu thràth ma smaoinicheas tu air dè cho mòr 's a tha Rangers. Ma tha sinn gu bhith a' farpais, feumaidh sinn a bhith a' bhuannachadh." thuirt manaidsear Rangers, Malky MacThòmais, mu amasan na sgioba às dèidh dhaibh soirbheachas City a thoirt gu crìch.

Chluich sgioba Rangers nam fear ann an cuairt dheireannach Lìog Europa na bu thràithe den bhliadhna far an robh breab-peanais a dhìth air Eintracht Frankfurt gus a' chùis a dhèanamh orra. Bidh sgioba nam ban a' gabhail pàirt ann an Lìog na h-Eòrpa airson a' chiad turas nan eachdraidh far an tèid iad an aghaidh Ferencvárosi TC air 18 An Lùnastal.

"Tha sinn uile mar phàirt den aon chluba agus ge b' e a bhios soirbheachdail, an òigridh no na fireannaich, saoilidh mi gu bheil e a' cruthachadh dàimh eadarainn… tha e a' toirt spionnadh dhuinn."

"Bha againn ri ionnsachadh"

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Chaill City a-mach air 15 tiotalan lìge ann an sreath air an t-seusan a dh' fhalbh

B' àbhaist cùisean a bhith faisg eadar Glasgow City agus Hibernian sa Phrìomh Lìog ach 's e Rangers agus Celtic a tha air a bhith a' cur cuideim orra air an dà sheusan a dh'fhalbh, is às dèidh 14 tiotalan ann an sreath, bha Rangers ro làidir dhaibh an-uiridh. Bidh iad fhèin an sàs ann an Lìog na h-Eòrpa is iad a' cluich an aghaidh AS Roma air 18mh An Lùnastal.

"Cha tug an seusan a dh'fhalbh buaidh air na h-amasan a th' againn am-bliadhna. Tha sinn fhathast airson a bhith a' buannachadh, ach bha againn ri ionnsachadh bhuaithe," thuirt àrd-choidse City, Eileen Gleeson.

"'S e ciamar a dhèiligeas tu le cùisean an rud as cudromaiche. 'S e ball-coise a th' ann agus feumaidh tu thu fhèin a thogail a-rithist airson an t-seusain ùir."

"Tha mi an dùil gu bheil seusan gu math faisg rothainn. 'S dòcha gun dèanadh aon gheama an diofar aig a cheann thall agus bu chòir do Glasgow City a bhith farpaiseach anns gach chupa."

"Barrachd taic-airgid"

Tùs an deilbh, SNS GROUP
Fo-thiotal an deilbh,
Bhuannaich Celtic Cupa na h-Alba agus Cupa na Lìge air an t-seusan a dh'fhalbh

Bhuannaich Celtic dà chupa an-uiridh fo stiùir Fran Alonso ach chan eil iad air an lìog a bhuannachadh fhathast. Thàinig iad faisg air ann an 2021 nuair a bha dìreach trì puingean eadar iad fhèin agus City.

Tha sgiobair Celtic, Kelly Clark, den bheachd gu bheil an lìog a' fàs nas fharpaisiche.

"Tha barrachd taic-airgid ri fhaighinn am measg nan sgiobaidhean eile - Hibernian agus Hearts mar eisimpleir. Mar as fhaisge a dh'fhàsas cùisean, 's ann as fhèarr a bhios an lìog - dhuinne agus dhan luchd-taic."

"Toiseach-tòiseachaidh ùr"

Thàinig dearbhadh na bu thràithe sa bhliadhna gun robh SWPL 1 agus SWPL 2 gu bhith fo uallach Lìog Ball-coise Proifeiseanta na h-Alba (SPFL), a' bhuidheann a tha os cionn nan ceithir lìogan as àirde ann an Alba de bhall-coise nam fear.

"Dh'fhaodadh seo a bhith na àm cudromach airson ball-coise nam ban ann an Alba. Ach airson sin a bhith fìor, feumaidh sinn uile a bhith air cùl na h-iomairt," thuirt manaidsear-stiùiridh an SWPL, Fiona Nic an t-Saoir.

"Tha a h-uile duine a' bruidhinn mu h-coise nam ban an-dràsta agus 's e uallach againne gun lean iad orra leis a sin."

"Tha sinn a' feuchainn ri dòighean ùra a lorg airson an geama againn a bhrosnachadh. Dh'fheuch sinn ri cuid de na geamaichean as motha againn a chur air dòigh nuair a bhriseas ball-coise nam fear airson Cupa na Cruinne eadar meadhan na Samhna agus meadhan na Dùbhlachd".

Geamaichean air a' chiad sheachdain de sheusan ùr an SWPL 1 agus SWPL 2

7 An Lùnastal

SWPL 1

  • Celtic v Hibernian
  • Dundee United v Motherwell
  • Glasgow City v Spartans
  • Hamilton Accies v Aberdeen
  • Heart of Midlothian v Partick Thistle
  • Rangers v Glasgow Women

SWPL 2

  • Boroughmuir Thistle v Kilmarnock
  • Gartcairn v East Fife
  • Montrose v Stirling University
  • St. Johnstone v Queen's Park