100 bliadhna fon ghèillean

  • Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, John Allan/Geograph

Chum Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil air taobh siar Leòdhais sreath thachartasan an t-seachdain seo a' comharrachadh 100 bliadhna bho chaidh gèillean muice-mara a chur an àirde ann am Bràdhagair.

'S e làrach ghlè chudromach a tha seo dhan sgìre agus na mìltean a' tadhal air a h-uile bliadhna.

Le 25 troigh de dh'àirde agus ceithir tunna ann an cuideam sa ghèillean, 's e rud a th' ann a tharraingeas an t-sùil, 's tha e a' ciallachadh mòran do mhuinntir an taobh siar air fad.

San t-Sultain 1920, thàinig corp muice-mara air tìr ann am Bàgh Bhràdhagair, le harpùn na ceann, 's 50 slat de ròpa ceangailte rithe.

Cha robh an harpùn air spreadhadh, agus mar sin bha bàs gu math slaodach, pianail aig a' chreutair.

Thàinig sluagh mòr dhan chladach airson a faicinn, ach a dh'aindeoin iarrtasan dha na h-ùghdarrasan cha tug duine sam bith air falbh i.

Fàileadh

Bha an closach a' tòiseachadh a' lobhadh ge-tà, agus fàileadh mì-nàdarrach (no gu dearbha, gu math nàdarrach) dhith.

Thug muinntir na sgìre an gnothach orra fhèin, 's thug iad ola is eile àiste.

Bha fhathast cnàmhan air am fàgail air a' chladach ge-tà.

Bha Murchadh Moireasdan, aig an robh oifis a' phuist ann am Bràdhagair, den bheachd gum biodh coltas math air gèillean na muice-mara os cionn a' gheata aig an taigh aige.

"Cha robh fòn anns a' bhaile ach ann an oifis a' phuist aig m' athair," thuirt Màiri NicAmhlaigh, tè de nigheanan Mhurchaidh.

"Mar sin dheth, bha esan a' feuchain ris na h-ùghdarrasan 'son a toirt air falbh, agus cha robh iad a' tighinn.

"Mu dheireadh thàinig bàta às na Hearadh ach cha tàinig aca air a dhèanamh.

"Bha i air tighinn suas ro fhada air a' chladach airson a tarraing a-mach, 's dh'fhàg iad i.

"Bhiodh esan a' fònaigeadh 's a' fònaigheadh 's ag ràdh 'tha na daoine a tha seo dìreach air an gannrachadh leis an fhàileadh'.

"Bha sinne a-mach 's a-steach fon ghèillean a h-uile là de ar beatha, 's cha do shaoil sinn càil a bharrachd dheth na shaoil sinn de na clachan timcheall," thuirt i.

Tùs an deilbh, Oliver Dixon/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an gèillean 25tr de dh'àirde, 's tha ceithir tunna de chuideam ann.

"Aon chuimhne a th' agamsa 's e a bhith a' ruith fon ghèillean agus eagal mo bheatha orm gun tuiteadh a h-uile nì," thuirt Joan Willis, piuthair Màiri.

"Nuair a bha a' ghaoth làidir cha deadhainn faisg air a' ghèillean idir!"

Ceud bliadhna bho chaidh an gèillean a chur an àirde, tha taisbeanadh air a bhith ga chumail ann an ionad Ghrèinneabhat ann am Bràdhagair fad na seachdain seo.

"Tha an gèillean muice-mara air a bhith cho cudromach dha Bràdhagair agus Àrnoil fad bhliadhnaichean - ceud bliadhna - agus bha sinn airson rudeigin a dhèanamh," thuirt Cathraiche Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil, Murchadh Moireasdan.

"Tha sinn toilichte dha-rìribh leis mar a chaidh cùisean a chur ri chèile fad na seachdain," thuirt e.

Port

Ann an 2000, chaidh ùrachadh a dhèanamh air a' ghèillean 's e air fàs caran robach.

"Chaidh a leagail, agus bha sgioba an uair sin mìorbhaileach timcheall air," thuirt Màiri.

"Bha an obair aca dìreach math fhèin.

"Gun phàigheadh, tòrr aca. Chaidh airgead a chruinneachadh airson na h-obradh a dh'fheumadh a dhèanamh, ach thug tòrr an saothair agus an sgilean an-asgaidh.

"Tha sinn cho taingeil gun do thachair sin," thuirt i.

Chaidh port sònraichte a sgrìobhadh airson an 100 bliadhna a chomharrachadh, 's chaidh sin a chluich Diardaoin.

"Dh'iarr mi air a' phìobaire ainmeil Seumas Donnchadh MacCoinnich fonn a sgrìobhadh, agus chaidh sin a dhèanamh fon ainm Bragar Whalebone Arch Centenary, agus chaidh sin a chluich an-dè airson a' chiad uair," thuirt Murchadh.

"Agus bha riochdairean an teaghlaich agus na coimhearsnachd an làthair, agus bha sinn uabhasach toilichte gun deach sin a dheànamh," thuirt e.